A' meudachadh misneachd na h-Alba ann a bhith a' làimhseachadh ghearanan poilis tro stiùireadh agus ath-leasachadh gun leth-bhreith

 

Mu ar deidhinn

 ʼS e buidheann neo-eisimeileach a th' anns a' Choimiseanair Gearan Poilis airson Alba (PCCS), nach eil ceangailte ris a' phoileas.  Tha e mar dhleastanas òirrne ath-bhreithneachadh a thoirt air an dòigh sa bheil gearanan neo-eucorach mun phoileas air an làimhseachadh le buidhnean poilis ann an Alba.  Tha an t-seirbheis againn an-asgaidh agus gun leth-bhreith. 

Tha sinn ag amas air cultar de leasachadh leantainneach a thoirt air adhart far a bheil buidhnean poilis ag ionnsachadh bho ghearanan gus piseach a thoirt air cleachdadh, poileasaidh agus dòighean-obrach.

Na tha sinn a' dèanamh

Ma tha gearan agaibh mu oifigear poilis fa leth (ag obair no far an obair), neach-obrach catharra no seirbheis poilis, ma dh'fhaoidte gum bidh an PCCS air chomas sgrùdadh a dhèanamh air an dòigh san do làimhsich a bhuidheann poilis sin ur gearan.

Mas urrainn dhan PCCS beachdachadh air a' ghearan agaibh feumaidh sibh an toiseach a bhith air gearan a dhèanamh ris a' bhuidheann poilis iomchaidh agus a bhith cinnteach gu bheil iad crìochnaichte nan dèiligeadh ris.  Tha seo a' toirt cothrom dhan bhuidheann poilis an gearan a rèiteach.  Gheibh sibh seòlaidhean nam buidhnean poilis ann an Alba air an duilleag Ceangalaichean dhen làrach seo.

Ma tha sibh, às dèidh dhan bhuidheann poilis ur gearan a rannsachadh, do-riaraichte leis an fhreagairt a fhuair sibh no an dòigh san deach dèiligeadh ris a' ghearain agaibh, faodaidh an PCCS an uair sin a bhith air chomas sgrùdadh a dhèanamh mun dòigh san deach an gearan agaibh a làimhseachadh (sgrùdadh làimhseachadh gearain). 

Ar dòigh-obrach sgrùdadh gearain

Ma tha sibh air dòigh-obrach gearain na buidhne poilis fhèin a leantainn mar-thà, iarraidh sinn oirbh foirm sgrùdaidh gearain a lìonadh a chuidicheas sinne gus ur gearan a thuigsinn nas fheàrr.  Faodaidh sibh am foirm seo a lìonadh air-loidhne le bhith a' cliogeadh an seo no faodaidh sibh foirm a tharraing a-nuas agus a chur thugainn tron phost, am post-d no le facs

Nì sinn sgrùdadh air fìrinn na cùise, a' coimhead air an fhiosrachadh gu lèir a tha air a thoirt seachad leibh fhèin agus a' bhuidheann poilis.  Coimheadaidh sinn air mar a ràinig a' bhuidheann poilis na co-dhùnaidhean aca agus nì sinn sgrùdadh air an fhianais air an robh an co-dhùnadh stèidhichte.  Thig sinn an uair sin gu beachd a thaobh co-dhiù a chaidh dèiligeadh ris a' ghearan ann an dòigh reusanta.

Builean a dh'fhaodadh tachairt

Ma tha an Coimiseanair a' creidsinn nach robh an dòigh san do làimhsich buidheann poilis gearan reusanta, faodaidh e grunn mholaidhean a chur air adhart, mar eisimpleir: 

  • gun dèan buidheann poilis atharrachaidhean gus dèanamh cinnteach nach èirich an aon trioblaid a-rithist;
  • gun dèan a' bhuidheann poilis tuilleadh rannsachaidh mun ghearan gus am faigh an neach a tha a' dèanamh a' ghearain làn fhreagairt a thaobh na draghan aca gu lèir;
  • gu bheil trèanadh agus comhairle air a thoirt dha na h-oifigearan a tha an sàs ann an gearan;
  • gun ath-bheachdaich a' bhuidheann poilis air a' ghearan - ann an cuid de shuidheachaidhean 's dòcha gun roghnaich e smachd a ghabhail air an ath-bheachdadh e fhèin, no iarraidh e air cuideigin eile an t-uallach sin a ghabhail. 

Ma tha sibh ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh sa chànan agaibh fhèin, cuireabh fios thugainn.  Ma tha sibh ag iarraidh bruidhinn ri cuideigin anns a chànan agaibh fhèin 's dòcha gun tèid againn air eadar-theangaiche a chur air dòigh ma bhios sin riatanach.